Rannsachadh coimeasach air na h-aithrisean a rinn na h-eileanaich air trèigsinn nan eileanan ann an Èirinn agus ann an Alba anns an fhicheadamh linn

Abstract

Tha an rannsachadh coimeasach seo a' toirt iomraidh air na h-aithrisean a rinn na h-eileanaich air trèigsinn nan eileanan ann an Èirinn agus ann an Alba anns an fhicheadamh linn. Tha an rannsachadh a' dèiligeadh ris an ùine ron trèigsinn, crìonadh a' phobaill, eilthireachd eachdraidheil agus na h-adhbharan gun robh feum air fàgail. An uair sin tha an rannsachadh a' measadh na buaidhe a bha aig an imrich air na h-eileanaich. Tha an rannsachadh a' cleachdadh measgachaidh do thùsan bhon bheul-aithris agus sgrìobhadh foillsichte. Tha e mar amas aig an rannsachadh seo an ceangal eadar eachdraidh eileanan na h-Èireann agus na h-Alba a nochdadh agus a leasachadh. Bheirear sùil gu sònraichte air guth nan eileanach fhèin

    Similar works