Gheibhear lethbhric den leabhar ‘les an Ughdar Donncha Mac Intoisich’ Co-chruinneach dh’Òrain Thaghte Ghaeleach nach robh riamh ann an clo-buala (Ghriogarach 1831), ann an Leabharlann Nàiseanta na h-Alba (trì lethbhric), leabharlannan Oilthigh Dhùn Èideann (dà lethbhreac) is Oilthigh Obar-dheathain, agus Leabharlann Poblach Inbhir Nis – a bharrachd air an leabhar aig Roinn na Ceiltis Oilthigh Ghlaschu.1 ’S e leabhar beag a tha ann (18.5 × 10.5 cm) air a chlò-bhualadh ann an Dùn Èideann ‘by John Elder’, agus 214 taobhan-duilleig de bhàrdachd ann