research

Comas cànain oileanaich a chaidh tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig gun Ghàidhlig san dachaigh

Abstract

Tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig air leudachadh gu mòr ann an Alba bho thòisich e an toiseach ann am meadhan nan 1980an. Tha a-nis còrr air 2000 duine cloinne ann an Alba a’ faighinn an cuid foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig. Chan eil Gàidhlig aig a’ chuid as motha de phàrtantan na cloinne agus tha sin ag adhbhrachadh duilgheadasan sònraichte nuair a thig e gu bhith a’ ruigsinn fileantachd ann an Gàidhlig. Anns an rannsachadh seo bidh mi a’ sgrùdadh obair sgrìobhte oileanaich a chaidh tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus aig nach eil pàrantan le Gàidhlig a thaobh nam mearachdan a tha a’ nochdadh nan cuid gràmair. Bidh mi a’ togail air rannsachaidhean air a’ chuspair seo leithid Bateman (2010) agus MacAmhlaigh (1986) agus a’ beachdachadh air mar a tha an cuid sgrìobhaidh a’ dol a rèir riaghailtean stèidhte grammar na Gàidhlig . Bidh mi cuideachd a’ dèanamh sgrùdadh air fianaisean ann an rannsachaidhean leithid Matras (2009) air mar a tha cànanan ag atharrachadh fo bhuaidh cànan eile

    Similar works

    Available Versions